Tha Clò a’ Bhradain toilichte a thoirt dhuibh ro-shealladh beag de Bana-phrionnsa a’ Phoca Phàipeir, le Robert Munsch, air a dhealbhachadh le Michael Martchenko, agus air eadar-theangachadh le Mòrag Anna NicNèill. Tha an leughadh goirid seo air a thoirt seachad le cead bho Annick Press.

Nuair a tha an dràgon as fiadhaiche air an t-saoghal a’ briseadh caisteal na Bana-phrionnsa Ealasaid na bhleideagan, a’ losgadh a h-uile stiall aodaich a th’ aice, agus a’ falbh leis a’ Phrionnsa Raghnall (a tha i am beachd pòsadh), tha Ealasaid a’ gabhail ghnothaichean os làimh. Gun aice ach a tonaisg fhèin, agus gun chàil a chuireas i oirre ach poca pàipeir, tha a’ bhana-phrionnsa a’ toirt dùbhlan dhan dràgon a chuid neart a shealltainn agus i an dòchas gun sàbhail i am prionnsa. Ach saoil an fhiach e na tha siud de dh’àmhghar?

Barrachd fhiosrachaidh mun leabhair: https://www.bradanpress.com/bana-phrionnsa

An English version of this video is also available: https://youtu.be/QMCQyYeE4yg