Aon latha
Bidh ainmean cèine aca orm
Càinidh daoine cràbhach mi
Ach fada às dèidh dhomh a bhith siubhal
Agus iad a’ fuireachd gu dòigheil
Agus iad a’ fuireachd gu sìtheil
Agus iad a’ fuireachd gu cùramach
Lìonaidh fhathast ìomhaigh
Mo chairbh chaithte leònte
An cridheachan glasa le miann-feòla.

—“Lochlannach” (earrann)
Bhon Phlateau dhan a’ Chladach
Dàin le Calum L. MacLeòid
Bradan Press, 2019

https://www.bradanpress.com/bhon-phlateau

"Lochlannach" (earrann) le Calum L. MacLeòid

“Lochlannach” (earrann) le Calum L. MacLeòid, Bhon Phlateau dhan a’ Chladach (Bradan Press, 2019)