Bhon Phlateau dhan a’ Chladach: Dàin

Anns a’ chiad chruinneachadh bàrdachd Ghàidhlig bho Chalum L. MacLeòid, ùghdar an nobhail A’ Togail an t-Srùbain, tha na dàin gar toirt bho Phlateau Mont-Royal ann am Montréal, Canada, gu cladach a’ Chluaidh ann an Glaschu. Am measg nan cuspairean tha cultar bailteil agus cruth-tìre ann an Canada is Alba, measaidhean air dàimhean soirbheachail agus fàilligeach, beatha fhalaichte nan nithean làitheil, agus beatha mar eilthireach is mar Ghàidheal air eadar-mheadhanachadh tron eadar-lìon.

The first Gaelic poetry collection from Calum L. MacLeòid, 2016 winner of the Scottish Book Trust Gaelic New Writers Award for prose. Topics include urban culture and landscape in Canada and Scotland, relationships failed and successful, the lives of everyday objects, and emigrant life as a Gael mediated through the internet.

MUN ÙGHDAR | ABOUT THE AUTHOR

Rugadh agus thogadh Calum L. MacLeòid ann an Inbhir Nis agus tha ceanglaichean làidir aige ri Barraigh, gu h-àraid ceann a tuath an eilein. Rinn e ceum ann an Gàidhlig aig Oilthigh Ghlaschu. An-diugh tha e a’ fuireach ann an Montréal còmhla ri a bhean agus an nighean aca. Bidh e a’ sgrìobhadh nobhailean Gàidhlig agus tha colbh aige anns a’ phàipear-naidheachd The National. Tha e air a bhàrdachd a leughadh air feadh Alba, ann am Poblachd na h-Èireann agus ann an Canada cuideachd.

LÈIRMHEASAN | REVIEWS

“Tha Calum gar toirt gu siùbhlach agus gu h-eireachdail bho Alba gu sràidean Mhontreal agus Thoronto le iomadh car is cuairt, agus iomadach cuspair air a thogail, air an t-slighe. Tha a’ chainnt eirmseach agus beachdail, gràdhach agus poilitigeach, cuid dhe na dàin stèidhte san traidisean bhàrdail Ghàidhealach agus cuid eile cho ùr-nòsach a thaobh cainnt agus stoidhle ri dàn ann an cànan sam bith. Tha ceòl na cainnt a’ sruthadh bhon bhàrdachd aig Calum.” —Gillebrìde Mac ’IlleMhaol

“Tha mac-meanmna MhicLeòid a’ siubhal thairis air machraichean ’s eachdraidh na h-Alba, àrd-shràidean ’s oiseanan an t-saoghail mhòir (gu h-àraidh Canada), agus ìomhaighean ’s cleasan an eadar-lìn gus còd no ceòl no stiùireadh a lorg a nì ciall dhen t-saoghal timcheall oirnn. Bàrdachd shùbailte, gheur agus spòrsail a tha seo, guth a tha ùr, siùbhlach agus cudromach.” —Pàdraig MacAoidh

FIOSRACHADH-ÒRDACHAIDH | ORDERING INFORMATION

ISBN: 978-1-988747-27-9
Format: Paperback, 6 x 9 inches, 80 pages
Retail price: $15.99 CDN | $12.99 US | £9.99 UK
Publication date: May 2019

Buy locally: Special order from your favourite local bookstore

Order online: Amazon.com | Amazon.co.uk | Amazon.de | Gaelic Books Council | Apple Books | Smashwords

Wholesale: Worldwide, place orders with Ingram or contact Bradan Press directly.

Subscribe

Subscribe To Our Newsletter

Join our mailing list to receive the latest news and promotions.

Tapadh leibh! You have successfully subscribed!